Traditional Arts and Culture Scotland

You are here

Opportunity for Gaelic-speaking Young Trad Musicians

Are you: 

•             12-18 years old?

•             A fluent Gaelic speaker? 

•             At an intermediate or advanced instrument playing or singing level? 

•             Available between Sunday 30 July – Friday 4 August 2017?

With support from Colmcille, a fund managed by Bòrd na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal is delighted to announce that the cultural exchange with the Oriel Centre in Dundalk, Ireland will again take place in 2017, building on the success of previous exhanges between the two organisations. 

This summer, we’re looking for six young musicians and singers, aged 12-18 and fluent in Scottish Gaelic to join six Irish speaking young musicians for a week of cultural and language events in Lochaber.  This is a fantastic opportunity to meet other musicians of similar age from around Scotland and Ireland.  Accommodation, travel and food will be covered for participants. 

There will be language, song and music workshops, cultural visits and the chance to perform together, led by talented musicians and tradition bearers, with the aim of strengthening the language and cultural ties between the two countries.

This year’s project will take place on Sunday 30th July – Friday 4th August in Fort William to coincide with Fèis Lochabair’s main fèis week. Guth nan Gael participants will get the chance to meet other fèis participants and join in with the fèis events as they celebrate 25 years.

An application form can be viewed here: https://goo.gl/forms/KOaIzokgLbNkwIu03

The deadline for applications is Monday 3rd July 2017. 

For a taste of last year’s project, visit the Guth nan Gael Facebook.

Any queries, please contact Karen Oakley on 01463 225 559 or karen@feisean.org.  

 

A bheil thu: 

•             Aois 12-18?

•             A’ bruidhinn na Gàidhlig?         

•             Aig ìre-mheadhanach neo adhartach air ionnsramaid ciùil neo seinn? 

•             Saor eadar Didòmhnaich 30 Iuchar – Dihaoine 4 Lùnastal?

‘S e cothrom air leth a th’ ann a bhith a’ coinneachadh le luchd-ciùil òga eile o thaobh thall Sruth na Maoile.  Thèid siubhail, àite-fuirich agus biadh a chur air doigh do chom-pàirtichean air fad.

Le taic bho Cholmcille, sgeama maoineachadh Bhòrd na Gàidhlig, tha Fèisean nan Gàidheal air dòigh gun tèid Guth nan Gael, am pròiseact iomlaid chultarail leis an Ionaid Oirghialla ann an Dùn Dealgan, Èirinn, air aghaidh am-bliadhna a bhios a togail air soirbheachadh a phròiseict air na beagan bliadhnaichean a dh’ fhalbh.

Tha sinn a’ sireadh sgioba de shianar luchd-ciùil is seinneadairean òga às Alba, aois 12-18 agus a tha fileanta sa Ghàidhlig airson seachdain làn thachartasan cànain agus cultair còmhla ri sianar chluicheadairean òga às Èirinn, ann an Loch Abar as t-samhradh.

‘S e ar n-amas sgilean cànain agus co-thuigse air dualchas nan Gàidheal ann an Alba agus Èirinn a bhrosnachadh le bhith a’ cur bùthan-obrach ciùil agus òran, cuairtean cultarach agus cothroman taisbeanaidh air dòigh. Thèid an sgioba a stiùireadh le luchd-ciùil thàlantach agus seanchaidhean aig a bheil sàr-eòlas air an dualchas.  

Am-bliadhna, ‘s ann Didòmhnaich 30 Iuchar – Dihaoine 4 Lùnastal 2017 anns a’ Ghearastain a bhios am pròiseact - an dearbh sheachdain a bhios Fèis Lochabair a’ comharrachadh còig air fhichead bliadhna on a thòisich an fhèis.

Bidh cothroman ùine a chur mu seach le luchd-ciùil òga eile a tha a’ frithealadh na fèise agus a bhith an lùib thachartasan cultarail a thèid a chur air dòigh leis an fhèis.

Gheibhear foirm–iarrtais goirid air loidhne aig https://goo.gl/forms/KOaIzokgLbNkwIu03

Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro Dhiluain 3 Iuchar 2017.

Chithear dealbhan bhon phròiseact anns na bliadhnaidhean a dh’ fhalbh air Facebook.

Ma tha ceistean sam bith oirbh mun phròiseact, cuiribh fios air Karen Oakley air 01463 225 559 neo karen@feisean.org