Pages in this section

You are here

Fòram Ceòl Tradiseanta

’S e lìon-obrach de mu 80 bhuidhnean-ciùil a tha cuir taic ri coimhearsnachd eadar-measgte ceòl tradiseanta na h-Alba a th’ anns an Fhòram. Tha ar ballrachd a’ gabhail a-steach clubaichean, fèisean, pròiseactan coimhearsnachdail, àitichean-fhoghlaim, promotaran, luchd-ionaid, foillsichearan agus leubailean a tha a’ riochdachadh a h-uile gnìomhachd ioma-dhathach a tha tachairt measg ceòladairean, luchd-èisdeachd, luchd-obrach agus na daoine a tha gabhail pàirt anns a chultar air feadh Alba.

Tha an Fhòram, le taic bho Alba Cruthachail, ag amas air a bhith:

Lèirsinneach – agus ri fhaighinn mar chiad àite-chonaltraidh;
Guthach – Na ghuth làidir agus earbsach airson ceòl tradiseanta;
Luachmhor – Na riochdaire èifeachdach airson buidhnean-ciùil ann an Alba.

Tha an Fhòram ag argamaid airson ’s gum bi ceòl tradiseanta aig cridhe beatha ann an Alba, agus gus ruigsinneachd cho farsaing sa ’s urrainnear fhaighinn. ’S e goireas air leth a th’ ann airson fiosrachadh agus comhairle air ceòl tradiseanta a thoirt seachad gu Alba Cruthachail agus buidhnean poblach eile.