Pages in this section

You are here

Traditional Music

Ceòl Tradiseanta

Gu h-eachdraidheil, tha ceòl na h-Alba air a bhith gu math farsaing, stèidhichte air coimhearsnachdan, agus air rudan mar cànan agus suidheachaidhean sòisealta. ’S e a’ phìob-mhòr a thathar a’ smaoineachadh air mar phrìomh ionnsramaid na h-Alba, ach tha farsaingeachd anns a’ cheòl, a tha toirt a-steach an fhidheall, a’ bhocsa agus a’ chlàrsach, le tradiseanan làidir agus fa-leth aig gach fear dhiubh.

Barrachd

Fòram Ceòl Tradiseanta

’S e lìon-obrach de mu 80 bhuidhnean-ciùil a tha cuir taic ri coimhearsnachd eadar-measgte ceòl tradiseanta na h-Alba a th’ anns an Fhòram. Tha ar ballrachd a’ gabhail a-steach clubaichean, fèisean, pròiseactan coimhearsnachdail, àitichean-fhoghlaim, promotaran, luchd-ionaid, foillsichearan agus leubailean a tha a’ riochdachadh a h-uile gnìomhachd iomadhathach a tha tachairt am-measg ceòladairean, luchd èisdeachd, luchd-obrach agus na daoine a tha gabhail pàirt anns a chultar air feadh Alba.

Mu dheidhinn an Fhòram