Pages in this section

Traditional Arts and Culture Scotland

You are here

Fiosrachadh mu Dhannsa Tradiseanta

Tha Alba làn dannsaichean tradiseanta. Gabhaidh mìltean de dhaoine pàirt ann an dannsaichean tradiseanta ann an Alba agus air feadh an t-saoghal ann an dòigh air choireigin gach bliadhna.

Chithear pìosan-sgrìobhaidh mu dhannsa cho tràth ris an 18mh linn agus bhon uairsin tha dannsa air atharrachadh, agus tha iomadh stoidhle ann a-nis a-rèir diofar chèarnaidhean na dùthcha. Thathar den bheachd gur e an Rìdhle an aona dhannsa a thàinig gu deimhinne à Alba. ’S e dannsa a bh’ ann airson co-dhiù trì dhaoine, far an deach na ceuman a’ dhèanamh air an spot, le daoine a’ dèanamh an aona cheum-siubhal ann an cearcall neo ann an figear de dh’ ochd. Air sàilleibh an àite san robh iad, dhanns’ muinntir na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealltainn an rìdhlean fhèin, gu sònraichte aig deireadh na 1800an mus tàinig dannsan nas ùra a-steach. Tha na rìdhlean tradiseanta fhathast a’ dol ann an Sealltainn an-diugh, air sgàth ’s gun deach an cuir an seilbh. Tòisich do chas a bhreabadh gu fonn an fhidheall neo a’ phìob agus cha bhith fada ann mus bidh thu dannsa gu h-Albannach!

Gu sìmplidh, thèid dannsa Albannach a bhriseadh sìos ann an ceithir stoidhle, le diofar dhòighean-obrach, gluasadan, obair-choise, agus pàtranan a thèid a’ lorg anns gach stoidhle. Thèid dannsaichean leis an aon ainm, mar eisimpleir Rìdhle Thulachain, a’ ghabhail ann an diofar stoidhlean, a dh’ atharraicheas faireachdainn agus cumadh an danns’. Ma ’s e ’s gur e dannsa cèilidh, dannnsa Gàidhealach, dannsa dùthchail, air neo dannsa-ceum a th’ ann, molaidh ceòl Albannach air a’ phìob, an fhidheall, a’ bhocsa, neo òran Ghàidhlig e nuair a chluinnear còmhla iad.

Dannsa Cèilidh
Thig daoine còmhla gu mi-fhoirmeil gus dannsaichean mar an Gay Gordons, Strip the Willow agus an Dashing White Sergeant a’ dhèanamh. Gabhaidh daoine ris na dannsaichean seo aig banaisean, co-là-breithean, fèisean is molaidhean eile, agus tha mìosachan-dannsa aig iomadh choimhearsanachd a-rèir seo. Thèid a mhòr-chuid de na dannsaichean a’ dhèanamh ann an càraidean, neo buidhnean de thriùir, ceathrar, sianar no ochdnar. Tha iad sìmplidh ionnsachadh agus gu tric tha ‘fear-mìneachaidh’ ann a dh’ innseas na thachras, ged a ’s urrainnear gabhail ris agus ionnsachadh gu luath san àbhaist. Chaidh dannsa cèilidh a’ leasachadh chun latha an-diugh bho àm nuair a bhiodh daoine tighinn còmhla ann an taigh, a’ cluich ceòl, is a’ seinn puirt-à-beul. Bhiodhar a’ dannsa leithid an Scotch Reel, a Highland Schottische agus Rìdhle an Tulachain an uairsin, agus chithear cuid dhiubh fhathast air an dannsa aig cèilidhean an-diugh. Uaireannan, atharrachaidh an dannsa a-rèir càite bheil thu san dùthaich. Thèid Canadian Barn Dance air neo Schottische a’ dhèanamh gu eadar-dhealaichte ann an Uibhist a Deas na thèid a dhèanamh ann an Bràigh Mhàrr. Tachraidh dannsa cèilidh ann an àite sam bith a thogras dhaoine, bho cidsin gu talla a’ bhaile, is tradiseanan ann cuideachd a bhith dannsa air drochaidean agus air an rathad. ’S e tlachd, spòrs agus a bhith toirt daoine ri chèile le dannsaichean cumanta na rudan a sònrachas dannsa cèilidh. Ach, cha gheibhear cèilidh math gun chòmhlan math, air sàilleibh ’s gu bheil an ceòl deatamach a-rèir ruitheam is a bhith cluich na fuinn ceart. Tha cruth eile de dhannsa cèilidh ann an Alba cuideachd air a bheil ‘Seann Dannsa’ (Old Time Dancing), far am faicear dannsaichean mar an Eva 3 Step, Waltzes, Swing agus Ballroom.

Dannsa-Ceum

Thathar an dùil gur e seo an dreach as aosta agus as òige de dhannsa tradiseanta ann an Alba. Thàinig dannsa-ceum aon-neach a-mach a bhith dannsa air an spot anns na seann rìdhlichean. Gu ruige 1992 chan fhacar dannsa-ceum ann an Alba, agus cha robh eòlas aig a mhòir-chuid de dhaoine air. Dh’ adhbharraich dannsairean à Ceap Breatainn, gu h-àraid Harvey Pheutan is Màiri Seonaid NicDhòmhnaill, a thàinig a dh’ Alba a theagaisg, an ath-bheòthachadh a thàinig mun cuairt. Bha an stoidhle gu deimhinne fhathast beò aig an àm ann an Ceap Breatainn, air sàilleibh ’s gun deach a chumail beò le in-imrichean Albannach a chaidh thairis anns na 1700an. ’S e stoidhle togarrach, le obair-choise ruitheamach a th’ ann. Thèid a thoirt seachad ann an brògan cruaidh, le ceòl air a chluich air an fhidheall, a’ phìob, an fhìdeag air neo le puirt-à-beul. Thèid casan an dannsair a bhualadh air an làr anns a h-uile dòigh air an smaoineachair, ach fhathast a’ cumail le ruitheam an ceòl, m.e. srath spè, rìdhle neo port-cruinn. Uaireannan, thèid na ceumannan a theagaisg tro nan ghinealaichean. Cha deach an stoidhle a-riamh foirmeileachadh, ach gun fheum an dannsa a bhith sgiobalta agus air an làr. Tha stoidhle àraid, pearsanta aig iomadh dhannsair, le ceumannan a dhèanas iad gu fuinn sònraichte. Ionnsaichear an seòrsa dannsa-ceum a chithear ann an Alba an-diugh bho muinntir an dannsa ann an Ceap Breatainn, ach thàinig sin bho thùs à Alba. Chithear cuid de na ceuman ann an dannsa-ceum ann an iomadh dhannsa Albannach eile, m.e. Flowers of Edinburgh, Till A-Rithist, Aberdonian Lassie agus Jacky Tar.

Dannsa Gàidhealach
Thathar eòlach air dannsa Gàidhealach air feadh an t-saoghal mar an dannsa as ainmeile Albannach. Tha ìomhaigh aig a h-uile duine nan ceann de dhannsairean le fèile mar èideadh a’ dèanamh Highland Fling air neo Dannsa Chlaidheamh le fonn air a’ phìob. ’S e fear de na dannsaichean as sine a th’ anns an Dannsa Chlaidheamh (neo an Gille Chaluim). Bho thùs, ’s e fir a bh’ ann a bhiodh a’ dèanamh dannsa Gàidhealach anns an arm – feumar lùths mhòr gus na leuman, an obair-ghàirdean agus an obair-choise a’ dhèanamh. Tha iomadh dhannsa eireachdail ann m.e. na National dances, Blue Bonnets agus an Scottish Lilt. Cha mhòr nach fhaicear ‘ballet’ ann an feadhainn dhiubh seo, rud a thàinig bho na cùirtean Frangach. Chithear dannsa Gàidhealach aig geammanan Gàidhealach air feadh an t-saoghal, agus tha farpaisean-dannsaidh aig grunn dhiubh. ’S iad na feadhainn as motha na Scottish and World Highland Dancing Championships a tha air a bhith ann an Dùn Omhainn aig a’ Chowal Highland Gathering bho 1934. Chithear ‘Dannsaichean Innse Ghall’ neo na Hebridean Dances air an dèanamh le dannsairean Gàidhealach is dannsairean-ceum. Tha iad nas socraiche na tha an dannsa gu h-àbhaisteach, leis an gàirdeannan na bu h-ìsle is an glùinean nas cama. Tha cuid de na ceumannan gu math coltach ri dannsa-ceum. Chaidh an teagasg meadhan an 19mh linn le maighstir-dannsaidh Eòghainn MacLachlainn.

Dannsa Dùthchail
Tha dannsa dùthchail nas fhoirmeile na dannsa cèilidh. Chaidh cùram a ghabhail gus cruth agus coltas nan dannsaichean a chumail ceart, fhad ’s a bha daoine fhathast a gabhail tlachd ann an taobh sòisealta an dannsa. Lorgair a mhòr-chuid de dhannsaichean dùthchail sna 1700an ann an tallaichean mòra, eireachdail, is chaidh an fhrithealadh le clasaichean as àirde den phoblach. Thug stoidhlean dannsaidh an 18mh linn, agus na rìdhlichean a chaidh dannsa air an dùthaich buaidh air dòighean an dannsa. Bidh dannsaichean dùthchail fhathast a’ tachairt ann an caistealan is taighean-mòra, cuide ri tallaichean bhaile air feadh an dùthaich. Bidh iad a’ dannsa leithid an Reel of the 51st air neo an Duke of Perth/Broun’s Reel. Mar cruth an dannsa, chithear ceithir no còig càraidean mu choinneamh a chèile gus seataichean a’ chruthachadh. Chithear am mullach chàraid a’ dol gu deireadh an t-seata, is an dannsa air a dhèanamh a-rithist ’s a-rithist gus am bi daoine air ais far an do thòisich iad. Tha gu leòr cumaidhean sparragach air an cleachdadh ann an dannsa dùthchail m.e. ceumannan-siubhal, a’ cleachdadh làmhan agus pàtranan. Thèid aire a thoirt gu mionaideach chun a h-uile rud. Tha cuideachd Quadrilles ann, far a bheil seata cèarnagach le ceithir chàraid a’ dannsa. Thàinig iad a dh’ Alba bhon Fhraing sna 1800an, le ceithir, còig no sia figear bho thùs. Thathar fhathast an-diugh a’ dannsa na Quadrilles ann an Uibhist a Deas. Tha mìltean de dhannsaichean dùthchail ann agus tha an còmhnaidh a bharrachd air an innleachdadh. Tha ceòl srath spè, port chruinn, rìdhlichean, bhalsaichean, polka agus còrn-phìob uile cudromach gu dannsa dùthchail.