Pages in this section

Traditional Arts and Culture Scotland

You are here

Traditional Dance

Dannsa Tradiseanta

Tha Alba làn dannsaichean tradiseanta. Gabhaidh mìltean de dhaoine pàirt ann an dannsaichean tradiseanta ann an Alba agus air feadh an t-saoghal ann an dòigh air choireigin gach bliadhna. Chithear pìosan-sgrìobhaidh mu dhannsa cho tràth ris an 17mh linn agus bhon uairsin, tha dannsa air atharrachadh, agus tha iomadh stoidhle ann a-nis a-rèir diofar chèarnaidhean na dùthcha.

A bharrachd air a seo

Scottish Country Dancers

Fòram Dannsa Tradiseanta na h-Alba

‘S e fòram ùr a th’ anns an FDTA (Traditional Dance Forum of Scotland) gus mothachadh agus inbhe dannsa tradiseanta àrdachadh agus gus an iomadachd a tha ann, cuide ri dannsaichean eile sòisealta ann an Alba, a mholadh. Tha sinn ag amas air taic a chumail le na lìonan-obrach a-measg nan coimhearsnachdan-dhannsa a tha ann mar tha, agus cuideachd a bhith toirt aire dhaoine orra.

 Bidh sinn:

  • A’ cuir air dòigh/cuir taic ri bùthan-obrach agus co-labhairtean
  • A’ cuir taic ri tidsearan
  • A’ brosnachadh agus a’ togail inbhe ghoireasan-fhoghlam
  • A’ toirt seachad comhairle agus ag innse mar a gheibhear taic ann an àitichean eile
  • A’ toirt lìonan-obrach ri chèile tron a bhith adhartachadh mothachadh agus co-obrachadh
  • A’ cuideachadh le bhith brosnachadh so-ruigsinneachd de ghoireasan rannsachaidh agus san tasglann

Ma tha ùidh agaibh anns an Fhòraim, nach cuir sibh post-d gu info@tdfs.org (Beurla a-mhàin)

Thoir dhuinn Like air Facebook agus Lean sinn air Twitter

Cuir taic ris an FDTA

’S e dòigh math a th’ ann ur cuid pròifil a thogail ann an roinn na h-ealainean coimhearsnachdail agus san fharsaingeachd le bhith cuir taic ris an FDTA

Ann an 2014 obraichidh sinn gus ar ballrachd àrdachadh. Tha am ballrachd fosgailte do bhuidhnean, ceòladairean, promotaran, luchd-cluiche, luchd-amharc, co-fhairpaisich agus dannsairean.

  • Buidheann/Gnìomhachas: £20
  • Neach fa-leth: £10/8 (conc.)

’S urrainnear an fhoirm-ballrachd luchdadh a-nuas an seo. (Beurla a-mhàin)

A bharrachd air a bhith cuir taic ri cùis luachmhor, charthannach bheir an FDTA dhuibh cumhachd am buidheann a dhealbhadh, leasachadh fhaighinn bho lìonan-obrach a bharrachd air taic agus prìsean nas ìsle aig na tachartasan is na bùthan-obrach againn.