Pages in this section

You are here

Gabhail pàirt ann an ceòl tradiseanta

Càit’ am faigh mi cothrom èisdeachd ri ceòl tradiseanta?

(Tha a h-uile ceangail air an duilleag seo sa Bheurla)

Tha grunn chothroman ann an Alba beagan chèol tradiseanta fhaicinn. Air ar duilleag ballrachd gheibhear a-mach mu dheidhinn consartan proifeasanta sna h-àitichean-tachartas agus sna clubaichean nas neo-fhoirmeile. Tha clàr-ama thrang fad-bhliadhna ann de dh’ fhèisean, agus cultar beòthail de dh’òrain is fuinn às a’ choimhearsnachd, a’ gabhail àite ann an taighean-sheinnse is àitichean poblach eile. Dèan rannsachadh air loidhne airson seiseanan a’ lorg san sgìre agaibh. Mar as trice, tha e an-asgaidh bhith coimhead neo gabhail pàirt, agus ’s e cothrom a th’ ann airson ceòladairean aig gach ìre choinneachadh agus ceòl a roinn. Lorgair cuideachd diofar chompanaidhean-clàraidh agus luchd-foillsichidh a tha ’g obrachadh le ceòl tradiseanta. Gheibh sibh barrachd fiosrachadh an seo.

Càit’ am faigh mi cothrom gabhail pàirt ann an ceòl tradiseanta?

Chan eil teagamh ann gu bheil coimhearsnachd aig cridhe ceòl tradiseanta, agus ’s e bhith gabhail pàirt ann an dòigh as fhèarr ionnsachadh mu dheidhinn. Tha iomadh bhuidheann ann an Alba a tha dèiligeadh le ceòl sa choimhearsnachd, a tha tairgse ionnsachadh do chloinn agus do dh’ inbhich, cothroman ceòl a’ chluich gu sòisealta, cothroman taisbeanaidh agus goireasan ionadail. ’S dòch’ gum biodh sibh cuideachd airson coimhead air na tha dol aig na buidhnean-leasachaidh againn, no ’s dòch’ g’eil sibh airson rannsachadh a dhèanamh air pàirt sònraichte dhen dualchas, mar srath-spè is ruidhle, pìobaireachd no clàrsach.

Ciamar a gheibh mi greim air cluicheadairean thradiseanta?

Tha moit aig coimhearsnachd a chiùil an Alba air an àrd-ìre air a bheil iad a toirt buidheachas dhan chultar. Dh’ fhaodar greim fhaighinn air cluicheadairean airson dannsaichean, cuithreaman poblach no prìbhichte, teagaisg no tachartasan carthannach.
Gabhaidh greim fhaighinn air luchd-ciùil tron an làrachan-lìn, ach gheibhear fiosrachadh a bharrachd aig na promotaran agus aig an luchd-ionaid againn. Gheibhear fiosrachadh pàigheadh tron Musicians’ Union, agus fiosrachadh a bharrachd mu dheidhinn phroifesantaich tron na seirbhisean eile a th’ aig ar ballrachd.

Càit’ an ionnsaich mi mu dheidhinn ceòl tradiseanta?

Tha grunn de shàr bhuidhnean-acaideamagach air feadh Alba a tha tairgse cùrsaichean bho ìre àrd-sgoil gu ìre phD, bho chùrsaichean practaigeach gu bhith gabhail a-staigh rannsachadh.