Pages in this section

You are here

Sgeulachdas for-ruigheachd

Tha Ionad agus Lìon-Obrach nan Sgeulachdan a’ cuir taic ri sgeulaichean proifeasanta agus coimhearsnachdail air feadh Alba. Tha sinn ag obair le buidhnean com-pàirteach gus prògram farsaing de sgeulachdas so-ruigsinneach a’ chruthachadh fad na bliadhna airson a h-uile duine. Tha an Ionad cuideachd a’ co-òrdachadh agus a’ cuir taic ri pròiseactan ceangailte ri foghlam, slàinte, cobhair shòisealta, coimhearsnachdan creideiseil, ealain, dualchais agus gnìomhachd air feadh na dùthcha.

Tha obair an Ionad agus an Lìon-Obrach an còmhnaidh a’ cuir daoine aig cridhe na h-obrach, agus tha gach tachartas neo pròiseact air a chruthachadh a’ gabhail a-steach ùidhean, comasan agus feumalachdan nan daoine a tha gabhail pàirt.

Tha an obair againn a’ dearbhachadh tabhartasan clann agus daoine nas aosda sa choimhearsnachd, a bharrachd air daoine ciorramach. Cha bu chòir do rud sam bith stad a chuir air duine sam bith inntrigeadh fhaighinn gu sgeulachadas. Tha sinn cuideachd a’ moladh stòiridhean agus fèin-fhiosrachadh bho dhiofar chultaran.

Airson barrachd fiosrachadh air na prògraman for-ruigheachd, air neo gus conaltraidh a thogail mu dheidhinn tachartas co-cheangailte ri sgeulachdas, nach cuir sibh post-d gu Davide neo cuiribh fòn gu 0131 652 3272 (Beurla).