Pages in this section

You are here

Lìon-Obrach nan Sgeulachdan

Tha Ionad agus Lìon-Obrach nan Sgeulachdan a’ cuir taic ri sgeulaichean proifeasanta agus coimhearsnachdail air feadh Alba. Tha sinn ag obair le buidhnean com-pàirteach gus prògram farsaing de sgeulachdas so-ruigsinneach a’ chruthachadh fad na bliadhna airson a h-uile duine. Tha an Ionad cuideachd a’ co-òrdachadh agus a’ cuir taic ri pròiseactan ceangailte ri foghlam, slàinte, cobhair shòisealta, coimhearsnachdan creideiseil, ealain, dualchais agus gnìomhachd air feadh na dùthcha.

Tha obair an Ionad agus an Lìon-Obrach an còmhnaidh a’ cuir daoine aig cridhe na h-obrach, agus tha gach tachartas neo pròiseact air a’ chruthachadh a’ gabhail a-steach ùidhean, comasan agus feumalachdan nan daoine a tha gabhail pàirt.

Tha an obair againn a’ dearbhachadh tabhartasan clann agus daoine nas aosda sa choimhearsnachd, a bharrachd air daoine ciorramach. Cha bu chòir do rud sam bith stad a chuir air duine sam bith inntrigeadh fhaighinn gu sgeulachadas. Tha sinn cuideachd a’ moladh stòiridhean agus fèin-fhiosrachadh bho dhiofar chultaran.

’S e com-pàirteachas eadar dà charthannas – Fòram Albannach nan Sgeulachdan agus Eaglais na h-Alba – a th’ ann an Ionad agus Lìon-Obrach nan Sgeulachdan. Thèid taic a chuir riutha le Alba Cruthachail agus Comhairle Dhùn Èideann. Ge-tà, tha ar n-obair a’ crochadh air taic airgid bhon phoblach agus taic bho ar buill. Nach smaoinich sibh mu dheidhinn tabhartas a’ dhèanamh dhuinn, air neo fàgaibh dìleab gus leigeil leis an Ionad agus an Lìon-Obrach fàs.

Cuir taic ruinn (Duilleag sa Bheurla)