Pages in this section

You are here

Sgeulachdas agus Foghlam

Young girl enjoying a storytelling session as part of s school trip to the Scottish Storytelling Centre

Tha bhith ‘g ionnsachadh gu beòthail agus gu cruthachail aig cridhe sgeulachdas.

Brosnachaidh sgeulachdas sgilean farsaing agus thèid a chleachdadh gu sìmplidh gus iomadh amas a’ ruighinn anns a’ Churaicealam airson Sàr-Mhaitheis.

Tha sgeulachdas a’ leasachadh gaol air cànan agus stòr-fhacal nad cheann. Tha e a’ brosnachadh litearrachd sgrùdail agus mothachadh air mar a chuirear air adhart do bheachdan fhèin, agus mar a chuirear luach air beachdan dhaoine eile. Gheibhear brosnachdainn airson cluich gu beòthail agus gu cruthachail tro sgeulachdas, agus leigidh seo le cloinn an sgeulachdan fhèin a’ dhèanamh. ’S urrainn do chloinn ‘cluich’ le stòiridhean le bhith cleachdadh meadhanan diofraichte, a’ gabhail a-steach sgrìobhadh cruthachail, dràma, ceòl, gluasad, dannsa, agus ealan-fradharcail.

Tha bhith gabhail seanchas le sgeulachdas agus gnìomhachdan co-cheangailte ri sgeulachdan anns an t-seòmar-teagaisg a’ cruthachadh cultar de chonaltradh, misneachd, co-obrachadh, tuigse agus spèis. ’S dòch’ gun toir susbaint nan sgeulachdan air deasbad sa chlas mu na caractaran agus buile an gnìomhan. Tha sgeulachdas gu h-àraidh a’ cuideachadh nuair a thathar airson cuspairean frionasach a dheasbad, m.e. burraidheachd.

Tha sgeulachdas agus dèanamh stòiridhean a’ leigeil le tidsearan na h-amasan a leanas a’ lìonadh:

  • Litearrachd thar gach ionnsachadh
  • Litearrachd agus Beurla
  • Slàinte thar gach ionnsachadh

Faodar cuideachd a’ chleachdadh mar inneal-teagasg ann an cuspairean eile, mar matamataigs agus saidheans, agus brosnaichidh e co-obrachas eadar roinnean-chuspair.

Tha sgeulachdas a’ toirt air clann bhith ‘g ionnsachadh. Tha e cuideachd a’ brosnachadh ùidh ann an sgrìobhadh agus leughadh. Tha lìon-obrach de sgeulaichean proifeasanta againn, a thigeas a’ chèilidh air croileigein, bun-sgoiltean, àrd-sgoiltean agus sgoiltean-SEN. Nach Coimhead sibh san Leabhar-Sèolaidh againn gus a bharrachd fhaighinn a-mach mu proifeasantaich far a bheil sibh. (Duilleag sa Bheurla)

Nach cuir sibh fios gu Davide Panzeri air neo cuiribh fòn gu 0131 652 3272 (Beurla) airson barrachd fiosrachadh air cothroman foghlam, trèanaidh agus CPD (Continuing Professional Development) fhaighinn.