Pages in this section

You are here

Fòram Sgeulachdas na h-Alba

Image of storytellers at the launch of the Scottish Storytelling Centre.

Tha beartas air tighinn air sgeulachdas thar nan linntean agus tha ath-beòthachadh air tighinn air bho chionn ghoirid. Tha sgeulachdas tradiseanta fhathast a’ dol ann an cultar nan Gàidheal, dòigh beatha nan luchd-siubhal agus ann an coimhearsnachdan ionadail agus bailteil. ’S e tradiseanan brisg a th’ unnta agus tha àrainneachd cultarail ann aig a bheil cumhachd gu leòr buaidh a thoirt air ar saoghal. Tha uallach aig an Fhòram na tradiseanan seo a chumail.

Chaidh an Fhòram stèidheachadh ann an 1992 gus sgeulachdas a bhrosnachadh agus a’ leasachadh, gu h-àraid an fheadhainn nach biodh comasach na h-ealainean fhaicinn san àbhaist, air sgàth ciorramachd neo bochdainn. ’S ann air sgàth fialaidheachd giùlanairean an tradisean gun tàinig ath-nuadhachadh air an ealan. Tha sgeulachdas a-nis a’ ruigsinn gach buidheann-aois agus roinn nar comann, gus dòighean ùra a’ lorg beatha a’ chomharrachadh.

Mus do ruig sinn am bliadhna 2000, chaidh com-pàirteachas a chuir air dòigh eadar Fòram Sgeulachdas na h-Alba agus Eaglais na h-Alba gus an ionad-ealain Netherbow air a’ Phrìomh Shràid ath-dhealbhachadh gus a bhith na ionad airson sgeulachdan. Chrìochnaichear an obair seo ann an 2006, a’ chruthaich àite-obrach nàiseanta agus eadar-nàiseanta airson Ionad agus Lìon-Obrach nan Sgeulachdan, mar fìor dheagh eisimpleir airson a h-amasan agus a prionnsabalan.

Ann an com-pàirteachas le Ioand agus Lìon-Obrach nan Sgeulachdan, tha am Fòram ag amas air:

  • Sgeulachdas beò a thoirt do gach phàisde ann an Alba
  • Sgeulaichean aithneachadh, a’ bhrosnachadh agus a’ thrèanadh ann an gach coimhearsnachd
  • Ionad nan Sgeulachdan a chumail mar ghoireas sheasmhach nàiseanta agus eadar-nàiseanta
  • Seann tradiseanan agus prionnsabalan a’ leasachadh ann an dòigh ùr.

Chan eil buill an Fhòraim a’ fuireach ann an Alba a-mhàin, agus dh’ adhbharraich seo iomadh cheangail le coimhearsnachdan sgeulachdas, bho iomadh thradisean, air feadh an t-saoghal.  

Airson barrachd fiosrachadh fhaighinn air Fòram Sgeulachdas na h-Alba neo Lìon-Obrach Sgeulachdas na h-Alba nach cuir sibh post-d gu Davide Panzeri neo cuiribh fòn gu 0131 652 3272 (Beurla a-mhàin).

Com-pàirtichean Eadar-Nàiseanta

Tha an lìon-obrach againn a’ dol mu thimcheall an t-saoghal, is frithealaidh ar sgeulaichean fèisean cho fad air falbh ri Singapore, Nirribhidh, Astràilia agus Na h-Innseachan. Tha sinn gu deimhinne a’ cruthachadh agus a’ brosnachadh com-pàirtichean mu thimcheall an t-saoghal agus tha sinn moiteil fàilte a chuir air cuid de na sgeulaichean eadar-nàiseanta as fhèarr san t-saoghal san Ionad ann an Dùn Èideann.

Tha Fèis Sgeulachdan Eadar-Nàiseanta na h-Alba againn gach bliadhna, agus e ag amas air teama eadar-nàiseanta diofraichte gach bliadhna. Tha e a’ toirt seachad cothroman luachmhor do sgeulaichean bho chultaran eile tighinn ri chèile gus sgeulachdan, beachdan agus dòighean-obrach a cho-roinn eadarra.

Tha an Fhòram na phàirt den Federation of European Storytelling (FEST), a tha na lìon-obrach de bhuidhnean Eòrpach a dh’ obraicheas le sgeulachdas. Thathar an dùil gun leasaich an lìon-obrach sgeulachdas san Roinn Eòrpa le bhith a’ tairgse cothroman co-roinn, ionnsachaidh, dàimhean a’ chruthachadh agus tagrachd.

Bithibh nur bhall den lìon-obrach

Gheibh sibh lasachadh-prìse air bùthan-obrach trèanaidh, inntrigeadh gu seirbhisean-taic Ionad Sgeulachdan na h-Alba agus bidh sibh aig cridhe leasachadh-sgeulachdas ann an Alba

Leugh a bharrachd (Duilleag sa Bheurla)