Pages in this section

You are here

Bithibh nur phàirt den Fhòram Cheòl Thradiseanta

Cuir taic thugainn!

Tha trì phrìomh amasan aig an Fhòram Ceòl Traidiseanta:

A bhith

  • guthach
  • lèirsinneach
  • agus luachmhor

Tha sinn ag obair gu dlùth le Alba Cruthachail mar ghoireas cudromach airson fiosrachadh agus comhairle a thoirt seachad a thaobh cheòl thradiseanta na h-Alba ann an dreach sam bith. Tha sinn ag amas air farsaingeachd de bhuidhnean an sàs le ceòl tradiseanta ann an Alba a’ riochdachadh, agus gus argamaid airson na rudan a tha dèanamh diofar dhar ballrachd. Tha sinn airson iomlaid-fhiosrachaidh a’ chruthachadh, taic aontachail a thoirt seachad, daoine ùr a’ choinneachadh, foghlam adhartachadh agus tha sinn airson ceòl tradiseanta a thagair chun riaghaltas, ùghdarrasan ionadail agus stèidheachan poblach eile.

’S ann na bu làidire a bhios ar guth ma thigeas ur buidheann còmhla ruinn. Nach cuir sibh taic ruinn?

Àrdachadh – tha poleasaidh làidir chonaltraidh aig an Fhòram, a tha ciallachadh gu bheil sinn an còmhnaidh a toirt fiosrachadh seachad chun bhallrachd, ùghdarrasan oifigeil agus a’ phoblach tro na meadhanan, na meadhanan sòisealta, litirean-naidheachd, ar làrach-lìn agus ann an dòigh sam bith eile a’ lorgas sinn.

Faigh a-mach na tha dol air adhart – tha an Fhòram ag amas air a bhith a toirt seachad fiosrachadh a
thaobh na tha dol air adhart ann an saoghal ceòl tradiseanta, agus a’ coimhead gu dlùth air a’ cheòl
agus air poileasaidh chultarail.

Faigh riochdachadh – tha an Fhòram aithnichte mar ghuth làidir airson ceòl tradiseanta.

Dèanaibh stir! – Dèanaibh cinnteach gu bheil fhios aig daoine cò thunnaibh. ’S urrainnear bhith nas lèirsinneach dhan t-sluagh, is dèanamh cinnteach gun tèid luach a chuir air ur guth le bhith gabhail pàirt tron ‘bhlog’ againn, agus le bhith a’ cuir ris an litir-naidheachd ag innse mun bhuidheann agaibh.

Dàimhean ùra – thig chun na tachartasan-cruinneachaidh againn gus dàimhean a thogail le daoine a tha ag obair san aon roinn ribh fhèin.

Dèanaibh conaltradh – Tha sinn a’ toirt seachad àite airson buidhnean ann an Alba conaltradh a’ dhèanamh. Nach biodh sibh airson beachdan fhaighinn air mar a chuirear air dòigh consairtean? Air neo ’s dòcha gu bheil sibh airson obair eadar chlubaichean a chuir air dòigh? Air neo goireasan a roinn?

A’ gabhail pàirt

Tha ballrachd san Fhòram a’ cosg £20 gach bliadhna (a’ ruith bhon t-Iuchar chun t-Iuchar) agus tha e
fosgailte gu buidhnean a tha ag obair le ceòl tradiseanta ann Alba.

Nuair a ghabhas sibh pàirt cuiridh sinn sibh air an liosta litirean-naidheachd againn.

Nach lìon sibh a-steach an Fhoirm Bhallrachd air-loidhne againn (duilleag sa Bheurla). Gheibh sibh
an uairsin fàirdeal (sa phost) le fiosrachadh mu phàigheadh.

Mar bhall bidh cothrom agaibh ur tachartasan a shanasachd gus am faic daoine iad air am mìosachan
air an làrach-lìn, gheibh sibh a-steach dhan leabharlann – far am faicear aithrisean, fiosrachadh na h-
Fhòraim agus rudan eile a tha a’ bunntainn ris a’ ghnìomhachas. Innsidh sinn do dhaoine eile na tha
sibh ris san litir-naidheachd, agus faodar sgrìobhadh anns a’ bhlog.

Nì sinn cuideachd ceangail leibh air Twitter agus Facebook, gus an urrainn dhuinn àrdachadh a thoirt
seachad dhuibh sa bhad. Na bithibh a’ dìochuimhneachadh innse dhuinn na tha sibh ris ge-tà!