Pages in this section

You are here

Leabhar-seòlaidh nan Sgeulaichean

Tha fiosrachadh agus seòlaidhean againn san leabhar airson còrr is 140 sgeulaichean proifeasanta bho air feadh Alba, a tha uile nan sgeulaichean mar phrìomh dhreuchd. Faodar gach sgeulaiche fhaighinn gus seiseanan agus bùthan-obrach a dhèanamh tron Ionad. Tha cothrom cuideachd aca uile airgid fhaighinn tron sgeama Live Literature Fund (LLF) a chaidh a chuir air dòigh leis an Scottish Book Trust.

Faodar rannsachadh a dhèanamh an seo (duilleag sa Bheurla) gus an sgeulaiche ceart fhaighinn airson an tachartas agaibh. Leigidh am mapa leibh sgeulaichean a’ lorg sa choimhearsnachd, ach feumar cuimhneachadh gum bi mòran dhiubh toilichte gu leòr siubhal, feumar faighneachd ge-tà. ’S e luchd-ealain fa-leth a th’ anns na sgeulaichean, agus chan fhaigh iad fastadh bhon Ionad, ach faodar ar molaidhean-pàighidh fhaicinn an seo (duilleag sa Bheurla).

Ma tha sibh a’ lorg cuideachadh le sgeulaiche fhaighinn airson tachartas, neo ma tha sibh airson conaltradh a’ dhèanamh mu phròiseact a’ chleachdas barrachd na aon sgeulaiche, nach leig sibh fios gu Davide air 0131 652 3272 neo cuiribh post-d gu davide@scottishstorytellingcentre.com (Beurla).