Pages in this section

Traditional Arts and Culture Scotland

You are here

Mu dheidhinn TRACS

Image for TRACS.

TRACS logo

’S e buidheann ùr a chaidh stèidheachadh ann an 2012 a th’ anns anTraditional Arts and Culture Scotland (TRACS), a chaidh a chuir air dòigh gus na h-ealainean ann an Alba a’ riochdachadh. ’S e com-pàirteachas ùr eadar trì fòraman-riochdachaidh a th’ ann - Traditional Music Forum, Scottish Storytelling Forum agus fear ùr air a bheil Traditional Dance Forum of Scotland

Tha a’ chiad amas aig TRACS CRUTHACHAIL: gus barrachd co-obrachas eadar-ealanach a’ bhrosnachadh thar nan ealain agus thar chànain. Tha na tradiseanan againn a’ riochdachadh fàilteachd agus iomlanachd. Mar sin, thèid ar brosnachadh le na luachan agus na prionnsabalan seo gus leasachadh farsaing a chuir air dòigh.

Tha an dàrna amas EAGRACHAIL: gus goireasan bunaiteach a roinn eadar roinnean a’ bhuidheann mar rianachas agus follaiseachd, gus conaltradh agus adhartachadh èifeachdach fhaighinn airson gnìomhan sna h-ealainean thradiseanta. Adhartaidh sinn ar luchd-ealain, ar fèisean agus ar tradiseanan ionadail airson leasachadh cultarail agus eaconomach.

Tha an treas amas BROSNACHAIL: gus sabaid airson barrachd taic dha na h-ealainean tradiseanta, gus com-pàirtichean a’ thogail le buidhnean eile, le foghlam agus le pàirtean beatha ann an Alba a gheibh leasachadh bho ghoireasan agus gnìomhan tradiseanta.

 

Traditional Music Forum

The TMF is a network of around 80 music organisations supporting Scotland’s vibrant traditional music community.

Read more

Fòram Sgeulachdas na h-Alba

Chaidh an Fhòram stèidheachadh ann an 1992 gus sgeulachdas a bhrosnachadh agus a’ leasachadh, gu h-àraid an fheadhainn nach biodh comasach na h-ealainean fhaicinn san àbhaist, air sgàth ciorramachd neo bochdainn.

A bharrachd air a seo

Fòram Dannsa Tradiseanta na h-Alba

‘S e fòram ùr a th’ anns an FDTA (Traditional Dance Forum of Scotland) gus mothachadh agus inbhe dannsa tradiseanta àrdachadh agus gus an iomadachd a tha ann, cuide ri dannsaichean eile sòisealta ann an Alba, a mholadh.

A bharrachd air a seo