Pages in this section

You are here

Dè th’ ann an sgeulachdas?

Image of Storyteller at Scottish International Storytelling Festival.

’S e aon de na h-ealainan as aosda a th’ againn a th’ ann an sgeulachdas. Tha e toirt faclan agus an t-saoghal mun cuairt oirnn beò, tha e a’ toirt oirnn smaoineachadh agus tha e a’ togail faireachdainn coimhearsnachdail eadar sgeulaichean agus an luchd-èisdeachd.

Chan e a-mhàin stòiridhean thradiseanta a lorgair ann an leabhraichean airson cloinn a thèid a thaisbeanadh. Tha stòiridhean an còmhnaidh mun cuairt oirnn – sna pàipearan-naidheachd, ann an nobhailean, air an T.Bh. agus air an eadar-lìon. Tha iad nan pàirt den dòigh san bheil sinn a’ tuigsinn an àrainneachd mun cuairt oirnn gus smachd fhaighinn air. ’S e sgil air leth a th’ ann a thèid a cho-roinn eadar dhaoine agus tha conaltradh àbhaisteach làn sgeulachdan fìor.

’S e stòiridhean thradiseanta sa mhòir-chuid a th’ ann an seann sgeulachdan. Tha iad a’ comanachadh beartas coimhearsnachdail làidir a tha ann an pàtranan is cruthan-beul nuair a thèid sgeulachd innse, cuide ris an ealan a th’ aig sgeulaichean fa-leth. Ach ’s urrainn do sgeulachdan eachdraidheil, agus nua-sgeulachdan a bhith nan pàirt de ealan an sgeulaiche cuideachd, agus tha eileamaidean làidir de choimhearsnachd nam measg.

Thèid cuideam a chuir air an sgeulachd chun aon ìre a thèid a chuir air an sgeulachd ann an sgeulachdas tradiseanta. Tha stòiridhean air an ath-dhealbhachadh le gach sgeulaiche fa-leth aig gach taisbeanadh agus atharraichidh iad fhad ’s a rachas iad tro na ginealaichean. ’S e sgeulachdas fìor a th’ ann nuair a thèid an sgeulachd innse eadar dà neach, beò, gun teicneòlas sam bith. Chan eil dad ann a tha nas fhèarr na sgeulachdas beò, a bheireas beatha dhan stòiridh.

“Thèid sgeulachd innse sùil gu sùil, mac-meanma gu mac-meanma, cridhe gu cridhe.” Seanfhacal luchd-siubhal Albannach

’S urrainn dhan a h-uile duine, ge bith de aois, cultar neo dualchas a th’ aca conaltradh a dhèanamh le sgeulachdas. ’S e inneal cumhachdach a th’ann a thaobh foghlam, leasachadh cànain, teiripe agus slànadh, a bharrachd air a bhith togail aire air co-ionnanachd-cinnidh agus spèis dha creideamhan.

Thoir sùil air ar duileag a thaobh For-Ruigheachd Sgeulachdas gus a bharrachd fhaighinn a-mach mu phròiseactan air feadh Alba.

Co th’ anns na Sgeulaichean?

Tha a h-uile duine nan sgeulaichean! Tha cuid de dhaoine airson na sgilean aca a’ leasachadh airson suidheachaidhean neo adhbharran sònraichte, agus ’s iadsan a dhèanas sgeulachdas dhaibh fhèin mar dhreuchd, neo anns a’ choimhearsnachd.

Tha lìon-obrach eireachdail, beartach, ioma-chultarail aig sgeulaichean ann an Alba, agus tha iomadh seòrsa sgeulachd agus stoidhle a’ dol eadarra. Tha mòran dhiubh a’ ceangail an gaol a th’ aca airson stòiridhean le nuair a bha iad òg, ach ’s e an rud a tha gan aonachadh gu bheil iad uile dìleas ris an dòigh-obrach. Tha iomadh chleachdadh aig an dòigh-obrach seo, bho bhith ag innse sgeulachdan mar fèisteas, ri bhith ag toiseach pròiseactan a chuidicheas daoine so-leònta mar chomraichean agus daoine ciorramach.

Fhad ‘s a dhealbhaich iomadh sgeulaiche iad fhèin air barrachd na aon thradisean, tha iad uile ag aithneachadh cudromachd sgeulachdas Ghàidhlig, Albais neo tradiseanan nan luchd-siubhal.

Frithealaidh, agus cuiridh Ionad nan Sgeulachdan taic ri teaghlaichean, coimhearsnachdan, àitichean-fhoghlaim agus àrainneachdan nàdarra a tha ‘g iarraidh sgeulachdas a’ dhèanamh. Tha sinn cuideachd a’ toirt urram do thrì seòrsa sgeulaichean àraid:

    • Giùlainearan an Tradisean – An fheadhainn a th’ air an tradisean a ghlèidheadh. Is iad na Stèidhichean Urramach againn.
    • Sgeulaichean Coimhearsnachdail – An fheadhainn a cho-roinn sgeulachdan leis an cuid coimhearsnachdan, air neo a th’ air beatha dhaoine atharrachadh leis an obair a dhèanas iad.
    • Sgeulaichean Proifeasanta – An fheadhainn a tha airson falbh feadh Alba is sgeulachdan innse mar dhreuchd.

Tha sinn ag iarraidh air na diofar seòrsa sgeulaichean seo a bhith nan buill den lìon-obrach (duilleag sa Bheurla) san Scottish Storytelling Forum agus gus pàirt a ghabhail ann an taic, co-obrachas agus leasachadh.

Mar a lorgair stòiridhean

Gheibhear stòiridhean ann an iomadach dòigh, agus seo beachd no dhà gus toiseach-tòiseachaidh fhaighinn:

  • Èist ri sgeulaichean – aig tachartasan, fèisean agus clubaichean
  • Èist ri sgeulaichean air teip neo air CD
  • Thoir sùil air ar duilleag ghoireasan
  • Leugh cruinneachaidhean de stòiridhean
  • Dèan rannsachadh air ur n-eachdraidh ionadail fhèin agus air stòiridhean bhon choimhearsnachd – gheibhear iad seo ann an leabharlann neo ann an cruinneachaidhean de dh’ eachdraidh ionadail
  • Èist ri sgeulachdan ur teaghlach
  • Rannsaich air loidhne mu stòiridhean
  • Dèanaibh ur sgeulachdan fhèin! Ach cuimhnich gun fheum iad obrachadh mar stòiridhean à beul.

Litirean-naidheachd

Cuiribh ur n-ainm is ur post-d air an liosta gus litirean-naidheachd fhaighinn a dh’ innseas dhuibh na tha dol aig an Ionad. (Tha na litirean-naidheachd sa Bheurla)

Cuir m’ainm air an liosta

Sgeulaichean air fasdadh

Tha còrr is 100 sgeulaichean proifeasanta againn anns an leabhar-seòlaidh a gheibhear airson tachartas sam bith. Faodar sgeulaiche a’ lorg a-rèir an àite às a bheil iad, neo dè na h-aoisean leis an bheil iad a’ dèiligeadh. Ma tha barrachd fiosrachadh a dhìth oirbh, nach cuir sibh post-d gu Davide (ann an Beurla a-mhàin).

Lorg sgeulaiche san Leabhar-Seòlaidh    Cuir post-d dha Davide