Pages in this section

Scottish
Storytelling
Centre

You are here

Taigh John Knox: Eachdraidh beò

'Bòidhchead àlainn meadhan-aoiseil' (TripAdvisor)

Coisich ann an brògan nan daoine ainmeil a b’ àbhaist fuireach anns an taigh, agus èist ris na tachartasan teagmhach anns gach seòmar. Nach toir sibh an aire airson na h-innealan-glacaidh agus na cleasan a tha ann gus luchd-fòirneart a bhriseas a-steach a’ ghlacadh! Faodar an deamhan a’ shealg is e a’ falach anns an t-seòmar-darach. Feuch cuideachd fhuasgladh fhaighinn air na tòimhseachain-dealbhach, a th’ air ioma dhuine a chuir cèarr.

Chaidh Taigh Knox House a’ thogail ann an 1470, a dh’ fhàgas e mar an aona togalach meadhan-aoiseil air fhàgail ann an Dùn Èideann. Thèid aithneachadh mar phàirt de pìos mhòr eachdraidh bhuaireach na h-Alba – An Ath-Leasachadh (The Reformation) – a dh’ adbharraich cogadh sìobhalta agus a chuir cuideam air Mary, Queen of Scots a chrùn a’ leigeil seachad.

Ged nach do dh’ fhuirich John Knox anns an taigh ach airson ùine bheag mus tàinig am bàs air ann an 1572, is e an ainm aigeasan a shàbhail an taigh bho bhith air a’ leigeil anns 1840an. Fhad ’s a bha cladhach a’ dol san taigh lorgair caipseilean-ùine bhon àm nuair a chaidh sàbhaladh. Tha aon dhiubh seo air a thaisbeanadh ann an uinneig a’ bhùth.

Dh’ fhuirich James Mossman – prìomh òr-chèard Mary, Queen of Scots – anns an taigh sna 1550an gus an deach cuir gu bàs ann an 1573. Bha e glè dhìleas chun a’ Bhàn-Rìgh agus bha e na bhall de na ‘Queen’s Men’ a’ fhuair greim air a’ chaisteal gus feuchainn a’ chrùn a thoirt air ais chun a’ Bhàn-Rìgh às dèidh cuideam a thàinig oirre a dhreuchd a’ leigeil seachad, gus a mac pròstanach – James VI - a chuir na àite. Rùraich san taigh gus fhaighinn a-mach na thachair gu James Mossman.

Cuairt-èisdeachd
Gheibhear seata cluais-fhòn airson £1, gus èisdeachd ri fiosrachadh mun àite fhad ’s a tha sibh a’ coiseachd mun cuairt(anns a’ Bheurla a-mhàin). Tha e ag innse mu chriomagan bheaga den togalach nach fhaicear gun an fhiosrachadh, agus innsidh e sgeulachdan dhuibh mu na tàmhaichean. Gheibhear cuideachd eadar-theangachadh den a’ chuairt air a’ sgrìobhadh sìos ann an Gearmailtis neo Eadailteach aig an ionad-fàilte.

Cuairtean

Air neo, ma tha sibh airson eòlas nas domhainne fhaighinn air an àite, faodar cuairt air leth fhaighinn de Taigh John Knox agus an earrann ‘Netherbow’ mun cuairt air, a tha làn sgeulachdan agus beartan eachdraidheil.

Cuairtean (Duilleag sa Bheurla)

Prìsean Taigh John Knox

Prices:
Inbhich – £5.00
Conc. – £4.00
Clann 7+ – £1.00
Clann fo aois 7 – An-asgaidh

Àmannan-fhosglaidh Taigh John Knox:
Diluain gu Disathairne: 10m – 6f
Didòmhnaich: 12f – 6f (Iuchar agus Lùnastal a-mhàin)

Na meadhanan sòisealta

Faighibh a-mach mu na tachartasan a th’ againn agus na rudan eile a tha dol tro seanailean ar meadhanan sòisealta.

Twitter Facebook