Pages in this section

You are here

Failte gu dachaigh Albannach nan Sgeulachdan

Àite-tachartasan a tha cruthachail, beòthail agus a tha math airson daoine a’ choinneachadh ann an àrainneachd a tha làidir le cultar na h-Alba.

Tha prògram farsaing ràitheil aig Ionad Sgeulachdas na h-Alba (The Scottish Storytelling Centre) le sgeulachdas beò, dealbhan-cluich, ceòl, taisbeanaidhean, tachartasan-teaghlach bùthan-obrach agus fèisean. Tha dà prìomh fhèis againn – TradFest, fèis de na h-ealainean tradiseanta as t-Earrach, agus Fèis Sgeulachdan Eadar-Nàiseanta na h-Alba san Damhair. Thig an Edinburgh Festival Fringe a seo cuideachd san Lùnastal, a bharrachd air iomadh phròiseact inntinneach eile. ’S e àite air leth a th’ anns an Ionad airson coinneamhan fhoirmeil agus coinneachaidhean mi-fhoirmeil, far am faodar dualchas beartach na h-Alba a’ bhlasadh. Anns a’ Chèarnag Sgeulachdais (Storytelling Court) chithear balla eadar-obrachail a chòrdas ri clann (agus inbhich!). Feuch an an lorg thu Greyfriars Bobby; faigh greim air an losgann; coinnich ri Nessie, an Gruffalo is Wee Willie Winkie; agus ionnsaich mu sgeulachd no dhà à Alba. Air taobh eile an t-seòmair faodar èisdeachd ri earrannan bhon sgeulaiche as cliùitiche a-riamh bh’ aig Dùn Èideann – Robert Louis Stevenson. A bharrachd air sin, tha taisbeanadh an- asgaidh an còmhnaidh ann. Inns’ an sgeulachd agaibh fhèin anns a’ chafé le cèicean blasta agus cofaidh air leth. Lorgaibh nead an dràgon a-measg nan leabhraichean anns na ‘luckenbooths’ ann an seann taigh John Knox. Tha an taigh cheangailte ris an Ionad, a’ chruthaicheas àite air leth far a bheil nua-dhealbhachadh air a’ measgachadh le ailtireachd meadhan-aoiseil. Deànaibh rannsachadh san taigh-tasgaidh gus a bharrachd fhaighinn a-mach mun àm connspaideach seo ann an eachdraidh na h-Alba. ’S e prìomh-oifis lìon-obrach nan sgeulachdan a th’ anns an Ionad cuideachd. Tha an lìon-obrach a’ tairgse inntrigeadh às-dùnach a thaobh tachartasan leasachaidh, lasachadh-phrìs air bùthan-obrach cuide ri taic proifeasanta air fèin-leasachadh san dreuchd, dhan bhallrachd aca.

Dè tha dol?

Nach rach sibh gu duilleag tachartasan an Ionad, gus rannsachadh a dhèanamh air na tachrtasan agus ticeadan iarraidh. (tha an duilleag anns a’ Bheurla)

Tachartasan san Ionad

Litirean-naidheachd

Cuiribh ur n-ainm is ur post-d air an liosta gus litirean-naidheachd fhaighinn a dh’ innseas dhuibh na tha dol aig an Ionad. (Tha na litirean-naidheachd sa Bheurla)

Cuir m’ainm air an liosta

Sgeulaichean air fasdadh

Tha còrr is 100 sgeulaichean proifeasanta againn anns an leabhar-seòlaidh a gheibhear airson tachartas sam bith. Faodar sgeulaiche a’ lorg a-rèir an àite às a bheil iad, neo dè na h-aoisean leis an bheil iad a’ dèiligeadh. Ma tha barrachd fiosrachadh a dhìth oirbh, nach cuir sibh post-d gu Davide (ann an Beurla a-mhàin).

Lorg sgeulaiche san Leabhar-Seòlaidh   Cuir post-d dha Davide