Pages in this section

Festivals

You are here

TradFest

tradfest logo

Thàinig Tradfest bho tachartasan glòrmhor mar Edinburgh People's Festival agus Edinburgh International Folk Festival, agus tha e a’ gabhail ris a h-uile ealan, a’ ceangail ùghdarras le co-aoiseachd, le dìorrasachd agus liut.

Chi Dùn Èideann iomadh chultar mar phrìomh bhaile an dùthaich, ach, aig àm TradFest, tha a bhaile a’ comanachadh a fèin-aithne chultarail, a gheibhear anns na sràidean, cùirt-liosan, clobhsaichean, cafés, ionadan-ealain, taighean-cluiche agus taighean-seinnse a chaidh dealbhachadh le R.L. Stevenson mar ‘baile corrach’. Chithear an seana-bhaile a’ tighinn beò leis an fhèis, a sheallas dhuinn mar a chaidh togail airson subhachas is toileachas. Tha a bhaile tighinn beò le ceòl, òrain, dannsa, dràma agus sgeulachdas airson dà latha deug, a bharrachd air comanachadh Latha Bealltainn. Tha TradFest a’ tòiseachadh sna ciad làithean samhraidh, agus thig iomadh fhèis as a dèidh tron t-seusan.

Tàlaidh TradFest na h-ealanan tradiseanta ann an Alba chun phrìomh-bhaile, a’ tairgse gu leòr airson luchd-fuirich agus luchd-turais, òg agus sean, luchd-ealain agus luchd-coimhead, proifeasantaich agus luchd-iomairt a’ choimearsnachd – uile ri chèile aig an aon àm. Thèid sgeulachdas, ceòl, dannsa agus òrain fhìghe ri chèile mar b’ àbhaist, a’ cuir fàilte air Gàidhlig is Albais, a’ tairgse fèis chultarail airson gach aois.

Thalla gu duilleag fèis na bliadhna-sa (Duilleag sa Bheurla)