Pages in this section

Festivals

You are here

Fèis Sgeulachdan Eadar-Nàiseanta na h-Alba

SISF2014Logo

Sgeulachd an fhèis
’S e taisbeanadh deich-là a th’ anns an fhèis, a’ comanachadh sgeulachdas, beul-aithris agus iomadachd cultarail, le sgeulaichean agus luchd-ciùil Albannach agus eadar-nàiseanta a’ tighinn còmhla.

Chithear an fhèis a’ dol air feadh Dùn Èideann. ’S i prìomh àite-thaisbeanaidh an fhèis taigh-chluiche an Netherbow aig Ionad Sgeulachdan na h-Alba, air am Mìle Rìoghail, aig cridhe seana-bhaile Dùn Èideann, agus chithear tachartasan com-pàirteach a’ gabhail àite an taca ri iomadh bhuidheann chultarail eile air feadh Glaschu, Dùn Èideann agus Alba.

Tha structar a’ phrògram a’ gabhail a-steach sgeulachdas san fheasgar airson inbhich, tachartasan airson clann is teaghlaichean, taisbeanaidhean ann an togalaichean còm-pàirteach, bùthan-obrach, òraidean, taisbeanaidhean agus tachartasan leasachadh-proifeasanta. Tha cuideachd ‘Festival on Tour’ a’ dol, a’ toirt stòiridhean agus sgeulaichean gu àitichean ionadail agus chun na h-eileanan.

Tha Fèis Sgeulachdan Eadar-Nàiseanta na h-Alba a’ cleachdadh tradiseanan a chithear aig cèilidh – àrainneachd coimhearsnachdail, cruinneachaidhean de dhaoine làn stòiridhean, ceòl agus òrain.

Chan e dealbh-cluich a th’ ann an sgeulachdas. Tha dùil aig an luchd-amharc gun tèid an cuir ann an staid foiseil, gus measgachadh de stòiridhean is ceòl a’ chluinntinn. Tha mac-meanmna an luchd-coimhead riatanach chun taisbeanadh agus ’s e seo a tha cruthachadh sgeulachdas fìor. Ged a tha structar aig gach tachartas, bidh cuideachd taobhan neo-fhoirmeil agus ocaideach aig gach taisbeanadh, agus ’s e bòidhchead sgeulachdas beò a tha sin.

Thalla gu duilleag fèis na bliadhna-sa (Duilleag sa Bheurla)

Blog

Read our Festival blog for insider information

Read more

Join Our Mailing List

Sign up to our Scottish International Storytelling Festival mailing list to bee the first to know about events, special offers and festival information.

Sign up