Pages in this section

Traditional Arts and Culture Scotland

You are here

Mu ar deidhinn

’S e carthannas ealanta agus foghlamach a th’ ann an Traditional Arts and Culture Scotland is chaidh a chlàradh mar Scottish Charity 043009.

Tha TRACS a’ toirt trì lìonan-obrach ealanta ri chèile gus buidheann cultarail, co-obrachail a’ chruthachadh a chaidh a dhealbhachadh gus fiosrachadh agus obair buidhnean nan ealain Albannnach a’ leasachadh anns an t-saoghal anns a bheil sinn. ’S e Traditional Music Forum, Scottish Storytelling Forum agus Traditional Dance Forum of Scotland a th’ anns na lìonan-obrach seo.

Tha TRACS an-dràsta ag obrachadh bho Ionad Sgeulachdan na h-Alba, buidheann leis a bheil e cuideachd ag obrachadh gu dlùth. ’S e pròiseact co-obrachail a th’ anns an Ionad eadar an Scottish Storytelling Forum (SC020891) agus Eaglais na h-Alba (SC011353), aig a bheil smachd air na togalaichean air a’ Mhìle Rìoghail, far a bheil an Ionad.

Tha gach buidheann a dh’ obraicheas le TRACS ag iarraidh cultar na h-Alba fhaicinn mar ghoireas bheò airson a h-uile duine, ge bith dè aois, clas, gnè no cinneadh a th’ aca.

’S e pàtran-stèidhichidh an Ionad George MacKay Brown, bàrd is sgeulaiche ainmeil à Arcaibh, agus tha e air a chomanachadh ann an uinneig san Ionad. Tha neach no dhà eile air a chomanachadh san Ionad cuideachd – nam measg Patrick Geddes, a bha na sàr èic-eòlaiche agus na iomairtiche chultarail; agus Hamish Henderson, bàrd agus fear a dh’ obraich beul-aithris a bhrosnachadh, a thug buaidh mhòir air ath-nuadhachadh ceòl tradiseanta ann an Alba san fhicheadamh linn.